Tuesday, December 26, 2006

1) An ruadhachadh a-mach

Ceart ma-tà. Gun tuilleadh dàil, tha e thìde dhuinn a bhith a` dalladh air na h-obrach! A` ruadhachadh a-mach cuid de na nàimhdean as motha a tha an aghaidh na Gàidhlig. An toiseach, buidhnean phoblach – gu seachd àraid nam buidhnean phoblaich Ghàidhlig!

Feumaidh tu taisgeadh nad chuimhne cia-tà gur e seo Saoghal an Eadar-Lìon, agus nach eil e a cheart cho furasta tomhas a dhèanamh air na bhios nam buidhnean Ghàidhlig a` dèanamh taobh a-muigh dhen t-saoghail seo a-measg nan coimhearsnachdan Ghàidhlig.

Ach, tha e an comas dhuinn, aig a` char as lugha, tuaiream mhath a thoirt air an obair aca bho na bhios iad a` foillseachadh air an làraich oifigeil aca, agus nas cudthromaiche buileach, bho nach bi iad a` foillseachadh.

Ceart ma-tà, nach tig sinn air aghaidh leis a` ghnothach, agus sinn a` cur dhinn mun chiad bhuidheann. Na gabh iongnadh, a nàimhdean chòir, `s sibhse an fheadhainn a gheibh gabhail oirbh an ath-thuras, ach an-dràsta, `s e…..

CNSA – Comhairle nan Sgoiltean Araich

A-rèir choltais, bidh iad a` brosnachadh togail na Gàidhlig a-measg teaghlaichean le clann òga, ach chan eil sgeul air a` Ghàidhlig air an làrach-lìon aca (ach a-mhàin ainm na buidhne). Nàire, nàire oirbh uile aig CNSA.

PS Tha sinn a` dol a spreigeadh
cùisean an ath-thuras, ach an gluais cuideigin.